Fèise Bige

Dimairt 9mh- Dihaoine den Ghiblein 2019

Chan eil àiteachan air fhàgail air an Fhèise am bliadhna (2019). Nach cuir sibh ur n-ainm air a liosta-feithimh gu h-ìseal.
Bidh ceithir leth-làithean rin tabhann airson clann aois sgoil-àraich. Tha seo mar phàirt den tachartas bliadhnail na caisge againn. Gheibh iad blàs de cheòl Ghàidhlig, òrain agus dannsa. Tha gach tachartas saor-an-asgaidh, ach feumaidh sibh àite a ghlèidheil, agus gheibh a’ chiad neach a ghlèidh an àite e.
 
Feumaidh a’ chlann a bhith còmhla ris na h-inbhich fad na h-ùine. Bidh Café Strùbag ri làimh, agus bidh tì, cofaidh, sùgh agus cèiceichean. Bidh bòrd chiùird ann dhan fheadhainn beaga. Chan eil duine sam bith ’n dùil gum biodh Gàidhlig agaibh, agus bheireamaid taic dhuibh ma bhios sibh ag iarraidh a feuchainn a mach!

 

Thoiribh an aire: tha am foirm gu h-ìseal gar cuideachadh gus tachartasan iomchaidh agus spòrsail a chur air dòigh dhuibh. Ma bhios sibh ag iarraidh brathair neo piuthar a thoirt còmhla ribh, nach lìon sibh a-staigh foirm fa leth dhaibh.

Clàr-àma

Dimairt 9mh den Ghiblein/ 10.15-11m/ Aois 0-3
LEUGH IS SEINN LE LINDA
Leughadh agus a’ seinn sa Ghàidhlig dha chlann aois 0-3 bliadhna agus am pàrantan.
Dimairt 9mh den Ghiblein 11.15m-12f/ Aois 2-5
SÈISEAN IONNSACHAIDH DO THEAGHLAICHEAN
Spòrs le teaghlaichean sa Ghàidhlig; gèamannan do chlann aois 2-5 agus an cuid inbhich! Tha an t-sèisean seo ri thabhann le Glaschu Beò.
Diciadain 10mh den Ghiblein/ 10:15m-11m/Aois 2-5
EALAIN LE SANDRA
Ealain agus ciùird leis na h-ainmhidhean, còmhla ri Sandra.
Diciadain 11mh den Ghiblein/ 11.15m-12f/ Aois 3-5
PÀRANT IS PÀISTE
Òrain Ghàidhlig, gèamannan agus ciùird airson clann fo aois 3-  le Glaschu Beò
Diardaoin 11mh den Ghiblein/10.15-11m/Aois 3-5
LEUGH IS SEINN LE LINDA
Leughadh agus seinn sa Ghàidhlig do chlann aois 3-5 agus am pàrantan
Diardaoin 11mh den Ghiblein/ 11.15m-12f/Aois 0-2
TÀLADH AGUS TÀMH
Gabh air do shocair, bithibh meòmhrachail. Ionnsaichidh sinn tàlaidhean Ghàidhlig, le do leanabh.
Dihaoine 12mh den Ghiblein/ 10.15m-11m/Aois 0-5
LEUGH IS SEINN LE LINDA
Leughadh agus seinn sa Ghàidhlig do chlann aois 0-5 agus am pàrantan
Dihaoine 12mh den Ghiblein/11.15m-12f/Aois 0-5
CÈILIDH NA FEADHAINN BEAGA!
Còmharrachaidh sinn deireadh na Fèise 2019 le cèilidh spòrsail, air a thoirt dhuibh sa Ghàidhlig le Step Wee Cèilidh!

Liosta-Feithimh- Foirm-iarrtais Chlàraidh

Lìonaibh am foirm-iarrtais airson ur clàradh air a liosta-feithimh. Ma bhios àite a nochdadh, cuiridh cuideigin sa sgioba againn fios thugaibh.
  • Participant Information / Fiosrachadh mun Neach-chlàraidh

  • More information on each session can be found on our Fèis Bheag information page. / Gheibhte tuilleadh fiosrachaidh air gach sèisean air duilleag fiosrachaidh na Fèise Bige.
  • Carer Information / Fiosrachadh Neach cùraim