Seachdain na Fèise

Diluain 8mh-Dihaoine 12mh den Ghiblein 2019

Tha iarrtasan dùinte a-nis airson 2019.
Bidh fàilte air nighean neo balach sam bith aois bun-sgoile, ach bu chòir dhuinn a ràdh gur ann tro mheadhan na Gàidhlig a bhios cùisean tron seachdain. Mar sin, bidh sinn ag amas air clann a tha an sas ann am Foghlum tro Mheadhan na Gàidhlig, air neo clann aig a bheil comas air choireigin sa Ghàidhlig, air sàilleibh s’ cleachdadh an cànain san dachaigh aca. Bidh cothrom aig na daoine a ghabhas pàirt an cuid sgilean a leasachadh ann an iomadach ionnstramaid, òran; ann an dràma agus sna h-ealainean. Bidh cothrom aca piseach a thoirt air an cuid Gàidhlig. Bidh còrr is ceithir fichead daoine aig an fhèis gach bliadhna.
 
Tha fàilte air luchd-tòiseachaidh ionnstramaid ùr a thaghadh. Siuthaidibh is feuchaibh e, fiù ’s ma bhios comas air choiregin agaibh ann am fear mar-thà! ’S e spòrs a bhios ann! Bidh sinn a’ toirt cothrom is stiùireadh do dhaoine aig gach ìre, aig a bheil gach comas; suas gu ruige an fheadhainn aig a bheil fìor dheagh chomas chiùil. Cha ruig sibh a leas ceòl a leughadh, agus chan fheum sibh a bhith eòlach air ceòl tràidisienta airson spòrs a ghabhail aig an Fhèis. Tha na bùithean obrach air an teagasg le bhith ag èisteachd ris an neach-stiùiridh. Ionnsachaidh sibh gach pàirt den fhuinn mu seach, mar a thèid sibh air adhart.

Tha tachartsan na Fèise spòrsail agus tha an luchd-stiùiridh càirdeil. Tha sinn airson taic a thoirt dhuibh gus piseach a thoirt air ur cuid cluich; gus am fàs sibh misneachail agus gus an ionnsaich sibh mu dhualchas agus cànan na Gàidhlig.    

  • Cuin: Diluain 8mh-Dihaoine 12mh den Ghiblein
  • Eadar: 10m-3f gach latha
  • Càite: Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 147 Sràid, Berkeley, G3 7HP
  • Bidh cèilidh ann, air feasgar Chiadain 10mh
  • Cuirm-ciùil airson teaghlaichean feasgar 12mh
 
Tha gach neach-stiùiridh againn air leth proifeiseanta, agus tha deagh eòlas aca a thaobh a bhith ag obair còmhla ri daoin’ òga. Bidh an comataidh agus na saor-thoilichean a’ cur taic rinn gus an tèid cùisean air adhart gu rèidh air an t-seachdain fhèin. Bidh cùram air a thoirt don chlann fad an latha, agus leanaidh sinn gu dìreach ri riaghailtean oifigeil Dìon Chloinne agus Slàint’ is Sabhailteachd.
 
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios thugainn, le bhith a’ cleachdadh am foirm-iarrtais air loidhne.
20

Clàradh air Loidhne 2019

Bidh innealan-ciùil rim faotainn aig an Fhèis. Ach ma bhios ionnstramaidean agaib’ fhèin, thoiribh leibh iad, ma ’s e ur toil e. Bidh stiùireadh air a thabhann tro na tachartsan, agus air na h-ionnstramaidean a leanas:

A’ glèidheadh àite:

Clàraibh gu luath airson a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi àite agaibh air a’ chlàs a thogras sibh. Feumaidh sibh am prìs slàn a thoirt dhuinn a thuilleadh air an fhoirm chlàraidh. Thèid seo a phàigheadh tron làrach-lìn again. Bidh lùghdachadh sa phrìs air a thabhann dha na daoine a tha àiridh air.

A’ chiad phàiste: £75

£5 mar lùghdachadh prìse leis gach brathair neo piuthar eile a thig còmhla riutha (£70/£65/£60)

Tha iarrtasan dùinte a-nis airson 2019.